Tha Sreath Sgeulachdan Seòrdag a’ tarraing dàn’-thursan Seòrdag uile còmhla. Bho bhith ag èaladh a-mach à òcrach sgudail agus a’ dèanamh charaidean a tha ga cuideachadh a’ togail taigh-chearc, far a bheil i a’ guradh a h-iseanan gluasadach, gu bhith a’ lorg tuilleadh mu an àm a dh’fhalbh aice. Tha i a’ coinneachadh ri beàrnain-Brìde sombach, coin ròbatach, ceilpich, a’ sàbhaladh fàidh, a’ togail inneal cumhachd glan, a’ cruthachadh còmhlan cèilidh a bhios a’ gnìomhadh tarsainn Slighe Chlann Uisnich, agus aig a bheil ùine fhathast air miotagan fhighe agus cèic fhuine do Gheamannan Asainte. Cuideachd a’ gabhail a-steach deich puirt thùsail.
E leabhar air Google Play
E leabhar air Apple
Kindle air Amazon
Paperback agus Hardback air Amazon.
Stòiridhean Seòrdag - Leabhar 1
Dh’éirich “Càit An Dèan Mi Mo Nead?” á bàrdachd thradiseanta Ghàidhlig mu dheidhinn cearc a’ siubhal bad air son nead a dhèanamh. ’S e a’ gabhail àite ann an sgìre chroitearachd Asainte (ann an ceann an-iarthuath Chataibh), tha an sgeul a’ filleadh sean agus ùr tron cheòl ’s tron bheothachas.
Tha Seòrdag ’na circ mheatailte le bogsa TBh mar bhodhaig. Air a rathad gu àite neadachaidh a lorg, tha i tighinn thairis air faoileag chuideachail, bó a tha ’na fidhill, caora a tha ’na bogsa ciùil, measgadair sameant a bhruidhneas, agus Marlene, a tha ’na bana-chroitear dhuineil. Tha na càirdean ùra aice ga cuideachadh gu taigh chearc mìorbhaileach a dhèanamh far a bheil i a’ breith trì uighean. Tha iad seo a’ dol ’nan iseanan fón-làimhe agus tha céilidh sgoinneil aca.
Stòiridhean Seòrdag - Leabhar 2
Nuair a bhriseas Blàrag a bogha, tha Seòrdag a’ Chearc-TBh a’ toirt air a h-iseanan agus a caraidean cuideachadh. Am buannaich iad co-fharpais gus bogha ùr a cheannach agus an dèan Flossie, a’ chaora itealaich, an gnothach an toirt ann, ann an àm?
Stòiridhean Seòrdag - Leabhar 3
Nuair a chaidh Seòrdag air chall an dèidh clach neònach fhaighinn air an tràigh, chaidh na h-iseanan aice agus Òisgeag, caora bogsa-ciùil, ga lorg. Thug sin iad dhan laboratoraidh dhìomhair, oillteil. Saoil an lorg Òisgeag agus na h-iseanan Seòrdag agus an cuidich iad a caraid, am Fiosaiche?
Eadar-theangachadh le Catriona Mhoireach.
Stòiridhean Seòrdag - Leabhar 4
Tha an t-isean luaisgeanach, Uaineag, a’ cruthachadh òran ùr, ach an uair a thòisicheas Gormal agus Ruagan air seinn còmhla rithe, tha Ruagan a’ call a ghuth. Tha iad a’ dol a dh’fhaicinn feuch an urrainn dham màthair, Seòrdag, an cuideachadh. Cò thuige a chuireas Seòrdag fios gus cuideachadh? Saoil an dèidheadh aig Mairilìne an Croitear air cuideachadh, no ’s dòcha am Fàidh, no fiù ’s an Coileach Cosmach?
Air eadar-theangachadh le Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil.
Stòiridhean Seòrdag - Leabhar 5
Nuair nach b’ urrainn dhan chòmhlan a b’ fheàrr le Òisgeag cluich, bha coltas nach biodh dannsa ann an talla a’ bhaile. Tha e an urra ri Blàrag còmhlan a thoirt còmhla, ach am bi Solaidh math gu leòr na dhrumair?
Eadar-theangachadh le Catriona Mhoireach.
Stòiridhean Seòrdag - Leabhar 6
Tha Seòrdag a’ faighneachd do Sholaidh an coimhead i às dèidh a h-iseanan fhad ’s a thèid i gu clas-oidhche fighe. An uair a dh’iarras na h-iseanan stòiridh-leapa, tha Solaidh ag innse dhaibh mun àm a choinnich e ri Seann Uilleam agus a’ Mhuc-mhara agus e air chall ann an stoirm air a shlighe a Shealtainn.
Air eadar-theangachadh le Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil.
Stòiridhean Seòrdag - Leabhar 7
Nuair a tha Seòrdag ag iarraidh panailean sòlair a cheannachd airson an taighe-chearc, tha i a’ co-dhùnadh airgead a thogail le bhith a’ fighe agus a’ reic mhiotagan. Tha aice ri seann inneal-fighe a chàradh, cuibhle-shnìomh a dhèanamh agus snàth a dhath. Bidh e furasta gu leòr, nach bi?
An tionndadh Gàidhlig le Johan Nic a’ Ghobhainn.
Stòiridhean Seòrdag - Leabhar 8
Airson stad a chur air cogadh air Planaid Pog, tha an Coileach Cosmach air iarraidh air Còmhlan Cèilidh na Bàthcha itealaich thairis air an fhànas airson cluiche aig a’ chèilidh sìth aca. Ach an uair sin tha Uaineag a’ dol air chall ann an dlùth-choilltean Pog. An lorgar i ann an tìde airson a’ chèilidh?
An tionndadh Gàidhlig le Clyde Bonnie.
Stòiridhean Seòrdag - Leabhar 9
Tha Òisgeag ro shunndach a’ cluiche a’ bhogsa-chiùil aice aig dannsa agus tha i a’ briseadh rudeigin na druim. Tha Seòrdag a’ feuchainn ri chàradh ach tha i feumach air beagan cuideachaidh.
Air eadar-theangachadh le Mòrag Anna NicNèill.
Stòiridhean Seòrdag - Leabhar 10
Tha na h-iseanan aig Seòrdag a’ lorg builgean-sìl neònach dìreach nuair a tha an athair, an Coileach Cosmach, a’ tighinn a chèilidh. Tha iad a’ toirt a’ bhuilgein-shìl dha mar thiodhlac fàilteachaidh, gun fhios aca mun chunnart a thig às.
Air eadar-theangachadh le Mòrag Anna NicNèill.
Stòiridhean Seòrdag - Leabhar 11
Tha Gormal air bhoil ’s i ag iarraidh brògan-trèanaidh cosgail a tha an neach-stiùiridh Cat Sìth a’ feuchainn ri reic. Chan eil airgead aig Seòrdag airson an ceannach, agus mar sin tha i a’ dèanamh suas paidhir, ach chan eil iad a’ còrdadh ri Gormal. Tha Solaidh ag innse dha Seòrdag gu bheil Cat Sìth fuadain agus nach bi e fiù ’s a’ cleachdadh bhrògan-trèanaidh. Feumaidh iad dòigh a lorg air dearbhadh dha Gormal nach gabh earbsa a chur ann an Cat Sìth agus nach fhiach na brògan-cleasachd aige an t-airgead.
Air eadar-theangachadh le Beathag Mhoireasdan.
Stòiridhean Seòrdag - Leabhar 12
Tha Blàrag a’ dol gu Co-labhairt Fìdhlearachd Chruidh agus tha i a’ mothachadh gu bheil tuill air chumadh ‘f’ air druim nam fìdhlean chruidh uile, eu-coltach rithe fhèin. Tha i a’ cur roimhpe am faighinn cuideachd. Saoil an e co-dhùnadh math no dona a bhios an seo?
Air eadar-theangachadh le Beathag Mhoireasdan.
Stòiridhean Seòrdag - Leabhar 13
Tha Seòrdag agus na h-iseanan aice a’ falbh air chuairt agus iad a’ dol a shreap beinn, ach nuair a thèid an glacadh ann an stoirm ’s fheudar dhaibh fasgadh a ghabhail airson na h-oidhche ann am bothag. Tha Gormal ga dùsgadh le fuaim neònach a’ tighinn às an loch gu h-ìosal. Tha i a' leum sìos chun an locha ’s i a’ dìochuimhneachadh an rabhaidh a thug Seòrdag dhi mu dheidhinn nan creutairean eagalach sin, Na Cailpich.
Stòiridhean Seòrdag - Leabhar 14
Tha Mairilìne a’ call a bòtainn sa bhoglach agus i a’ buain mhònadh. Tha Seòrdag agus Òisgeag a’ feuchainn ri shlaodadh às a’ bhoglach agus tha iad a’ lorg creutair làn puill ceangailte ris. Tha iad ga thoirt gu Mairilìne airson a ghlanadh, ’s gun iad a’ tuigsinn na trioblaid a bhiodh an creutair seo ag adhbhrachadh dhaibh.
Air eadar-theangachadh le Beathag Mhoireasdan.
Stòiridhean Seòrdag - Leabhar 15
Tha am Fiosaiche a’ call na cloiche. Tha neach-campachaidh ga lorg agus ga toirt air ais don taigh-tasgaidh. Tha Mairilìne a’ leughadh mun seo sa phàipear agus ag innse don Fhiosaiche. Nuair a thèid am Fiosaiche air ais ga faighinn, cha toir an taigh-tasgaidh seachad i dha gun dearbhadh gur ann leis-san a tha a’ chlach. An cuidich Seòrdag is Solaidh e ga faighinn air ais?
Air eadar-theangachadh le Beathag Mhoireasdan.
Stòiridhean Seòrdag - Leabhar 16
Tha Solaidh air bhioran seach gur e a’ chiad fhaoileag a tha gu bhith na cheann-cinnidh air na Geamannan Gàidhealach am-bliadhna, agus tha e a’ coimhead air adhart ris a’ chupa a thoirt don sgioba as fheàrr air dannsa cèilidh air an fheasgar. Ach, tha a’ Bhean-uasal Oighrig agus a rabhadair beag Ka an dùil mealladh a dhèanamh sna farpaisean. Saoil an urrainn do Sheòrdag sgioba a chur còmhla gus dùbhlan a thoirt dhaibh?
Air eadar-theangachadh le Beathag Mhoireasdan.
English version of picturebooks at Seordag Stories